Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,21 Apr 2026,57 mins

le Cathy NicDhòmhnaill

Naoi gu Deich

Available for 29 days

'S iomadh eilean tha far nan cladaichean an Alba. Agus tha aonan beag dhiubh sin far chosta Earra-ghàidheal ga chuir air a mhargaidh as ùr – Eilean An Innis, a tha suidhe goirid air Eilean Èisteal, mu choig mìle deug deas air an Òban. Innsidh am fear-naidheachd Pàdraig MacAmhlaigh eachdraidh an eilein dhuinn. Tha seirbheis nàiseanta sa Ghearmailt air a bhith togail beagan connspaid - le dùil son draois gum biodh feum aig fir fo aois 45 bliadhna air cead bhon airm airson an dùthaich fhàgail càil nas fhaide na 3 mìosan. Tha sin air atharrachadh a-nise - ach tha atharrachaidhean mòra ann an laghan airm na dùthcha a' tachairt co-dhiù, mar a tha Mìcheil Klevenhaus a' mìneachadh dha Cathy. Bidh Derek MacAoidh ag innse mun t-sreath ùr Chernobyl: Utopia na Smàl, a tha a' tòiseachadh air BBC Alba a-nochd. Agus dè na làraich dualchais is eachdraidh as fheàrr leibh ann an Alba? Tha ceathrar còmhla ri Cathy lem beachdan fhèin air a' cheist sa, agus làn chinnt ann gum bi iomadach diofar mholadh aca le chèile.

Programme Website
More episodes