Episode details

Available for 28 days
Riamh bhon a chaidh an t-airgead crìopteach Bitcoin a chruthachadh, cha robh fhios le cinnt, cò bh' air a chùl. A bheil sin air atharrachadh a nise? 'S e Satoshi Nakamoto an t-ainm a bhios a nochdadh an cois Bitcoin. Ach cò e, i neo iad a th' air a chùl? Dè na gàrraidhean mòra nàiseanta neo eile air a bheil sibh air tadhal neo air am bu mhiann leibh tadhal? Tha triùir ghàirnealairean ag innse do Chathy mun fheadhainn as fheàrr leotha fhèin. A bheil Ruairidh McIllroy air fìor àrd ìre a ruighinn ann an goilf? Chunnaic sinn an t-seachdain 'sa chaidh, an tartain ùr a chaidh a chruthachadh son Geamaichean a Cho-fhlaitheis an Glaschu. Dè seòrsa tartain a bu mhiann leibh b' fhèin a chruthachadh agus carson? 'S dè an fheadhainn as fheàrr a tha còrdadh ribh 's carson?
Programme Website