Use BBC.com or the new BBC App to listen to BBC podcasts, Radio 4 and the World Service outside the UK.

Find out how to listen to other BBC stations

Episode details

Radio nan Gàidheal,25 Jun 2017,30 mins

An Dr Urr Ruairidh MacLeòid, Eaglais na h-Alba

Dèanamaid Adhradh

Available for 28 days

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas: Salm 68: 7-8 air fonn London New agus 's e an t-Urr Donnchadh MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh. Salm 16: 5-7 air fonn Stornoway agus 's e Aonghas MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Leughaidhean: Salm 124: 1-6 1 Corintianaich 15: 12-20 Fhuair sinn an naidheachd dhuilich gun do chaochail an Dotair Urramach Ruairidh MacLeòid air 9 Cèitean. Bha an Dr Urr MacLeòid air a bhith air leth taiceil dhuinn ann an iomadach dòigh thar nam bliadhnaichean, a’ toirt thugainn seirbheisean agus smuaintean cho tric 's a b’ urrainn dha. Tha sinn a’ cuimhneachadh air a bhean 's air an teaghlach air fad aig an àm dhuilich seo. Rugadh Ruairidh MacLeòid ann an Loch nam Madadh agus bha e na mhinistear ann an Cumlodain, Taobh Loch Fìn agus Loch Geàrr bho 1985 gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2012. Bha e 21 bliadhna mar mhinistear ann am Beàrnaraigh na Hearadh mus tàinig an cabhsair. Bha e cuideachd an sàs ann an grunn bhuidhnean Gàidhlig, leithid Urras MhicCaoig agus Comann Litreachas na h-Alba, a bharrachd air comataidhean Gàidhlig san eaglais, agus bha e na dheasaiche air na Duilleagan Gàidhlig aig Eaglais na h-Alba airson iomadh bliadhna. Bhiodh e cuideachd a' cumail seirbheisean Gàidhlig mhìosail ann am Meadhan Earra-Ghàidheal agus anns an Òban. Chaidh urram MBE a bhuileachadh air an Dr Urr Macleòid airson a shaothair dhan Ghàidhlig 's dhan choimhearsnachd.

Programme Website
More episodes