Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1426

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1426. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

26 days left to listen

5 minutes

Litir 1426: Doire na Smeòraich (2)

Bha sinn a’ toirt sùil air an òran ‘Doire na Smeòraich’. Chaidh a sgrìobhadh leis a’ bhàrd Sgitheanach, Niall MacLeòid. ’S e òran gaoil a th’ ann, leis a’ bhàrd a’ bruidhinn ri ’leannan, agus an dithis aca measail air nàdar agus air a bhith a’ gabhail cuairt còmhla sa choille. Seo an treas rann dhen dàn:

Is bheir sinn a’ chuairt seo suas am bealach,

A dh’fhaicinn nan cluaineag cuachach meala,

’S ged thèid sinn thar chuain, ar luaidh bidh maireann

Do bhruthaichean Doire na Smeòraich.

Tha an treas agus ceathramh loidhnichean dhen rann sin gu math laghach. ’S ged thèid sinn thar chuain, ar luaidh bidh maireann do bhruthaichean Doire na Smeòraich. Although we might go across the ocean, our praises will always be for the hillsides of Doire na Smeòraich. ’S ged thèid sinn thar chuain, ar luaidh bidh maireann do bhruthaichean Doire na Smeòraich.

Is fìor thoigh leam an ceathramh rann gu sònraichte. Nise, dè a’ Ghàidhlig a th’ agaibh air thought mar ‘I had a thought’? Chanainn ‘smuain’. Ach tha ‘smaoin’ ann cuideachd. Agus tha am bàrd a’ cleachdadh ‘smaoin’ anns an rann seo airson an comhardadh a chumail slàn. Èistibh mar a tha am fuaim ‘ao’ no ‘aoi’ a’ nochdadh anns gach loidhne. Tha an ruitheam, agus an comhardadh, agus an ìomhaigheachd gu math brèagha. Èistibh cuideachd ris a’ chomhardadh aig deireadh gach loidhne:

Nach beag a bha smaoin air maoin no earradh,

Nuair bha sinn cho saor ri gaoth nam beannaibh,

Ag iomain nan laogh bho thaobh nam bearradh,

Gu caochain Doire na Smeòraich.

Bhuineadh am fear a sgrìobh an t-òran – Niall MacLeòid – do Ghleann Dail. Bhuineadh e cuideachd do theaghlach de bhàird ainmeil. Bha athair, Dòmhnall, aithnichte mar ‘Dòmhnall nan Òran’. Agus bha a bhràthair, Iain – Iain Dubh – cuideachd na bhàrd. Bidh cuid a’ gabhail ‘Bàird Ghleann Dail’ air an triùir. 

Bha na bràithrean coltach ri chèile ann an aon dòigh – bha iad math air bàrdachd. Ach bha iad eucoltach ann an dòighean eile. Dh’fhalbh Niall a dh’obair ann an Dùn Èideann aig aois òg. Bha e sna ficheadan. Bha e na mharsanta teatha agus bha e a’ fuireach am measg dhaoine a bha rudeigin spaideil. 

Sgrìobh Niall tòrr òran, cuid mhath dhiubh car romansach no a-mach air bòidhchead na Gàidhealtachd. Tha gu leòr dhen bheachd gum b’ esan am bàrd Gàidhlig a b’ ainmeile anns an naoidheamh linn deug – ann an Alba air fad. Dh’fhoillsich e cruinneachadh de na h-òrain aige air a bheil ‘Clàrsach an Doire’. Bha e measail air an fhacal ‘doire’! Chaidh ath-chlò-bhualadh a dhèanamh dhen leabhar grunn tursan.

Bha Iain Dubh, air an làimh eile, na mharaiche. Ged a bhiodh e ri bàrdachd, cha do sgrìobh e na dàin aige air pàipear. Agus cha robh e measail idir air a bhith am measg dhaoine spaideil anns na bailtean mòra. Bheir sinn sùil air Iain anns an ath Litir.

Ach, an dràsta, seo agaibh an rann mu dheireadh dhen òran ‘Doire na Smeòraich’ le a bhràthair, Niall. Tha am bàrd agus a leannan a’ dèanamh deiseil airson dealachadh bho chèile. Càite – ach ann an Doire na Smeòraich.

Ach nì sinn ar n-iùl a-null am bealach,

Tha bàta na smùide dlùth don chala,

’S gum fàg sinn ar dùrachd rùin mun dealaich,

Aig cùiltean Doire na Smeòraich.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: Doire na Smeòraich: the copse of the thrush; Niall MacLeòid: Neil MacLeod; òran gaoil: a love song; treas: third; ceathramh: fourth; ruitheam: rhythm; ìomhaigheachd: imagery; caochain: streamlets partially hidden by vegetation.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: a’ bruidhinn ri ’leannan: speaking to his sweetheart; agus an dithis aca measail air nàdar agus air a bhith a’ gabhail cuairt còmhla sa choille: with both of them keen on nature and on taking a stroll together in the wood; a dh’fhaicinn nan cluaineag cuachach meala; to see the honeyed little pastures, full of hollows; ’s ged thèid sinn thar chuain, ar luaidh bidh maireann: although we should go over the ocean, our praise will endure; airson an comhardadh a chumail slàn: to maintain the completeness of the rhyme; nach beag a bha smaoin air maoin no earradh: little did we think of wealth or valuables; ag iomain nan laogh bho thaobh nam bearradh: driving the calves from the flank of the rockfaces; bidh cuid a’ gabhail ‘Bàird Ghleann Dail’ air an triùir: some people call the three [of them] ‘The Bards of Glendale’; coltach ri chèile ann an aon dòigh: alike in one way; eucoltach ann an dòighean eile: dissimilar in other ways; bha e na mharsanta teatha: he was a tea merchant; am measg dhaoine a bha rudeigin spaideil: among people who were rather fancy; cruinneachadh de na h-òrain aige: a collection of his songs; bha X, air an làimh eile, na mharaiche: X, on the other hand, was a seaman; nì sinn ar n-iùl: we shall guide ourselves; tha bàta na smùide dlùth don chala: the steamer is close to the harbour; gum fàg sinn ar dùrachd rùin mun dealaich: we shall declare our loving wishes before [we] separate.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Nuair bha sinn cho saor ri gaoth nam beannaibh: when we were as free as the wind of the mountains. Beannaibh is not the standard form of the genitive plural of beinn; properly it should be nam beann or nam beanntan or nam beanntaichean, according to dialect. Whatever, the final vowel in a genitive plural of a noun should be broad, not slender as in beannaibh. However, beannaibh is understood as an inflected plural form of beinn (it is actually the old dative plural form, now archaic). And it fits with the rhythm and rhyme of the poetry, so the poet has quite validly employed ‘poetic licence’ in using it!

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: bheir sinn a’ chuairt seo suas am bealach: we shall take a walk here up the bealach (pass).

Broadcast

  • Sunday13:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast