
Manaidhean
Sgeulachdan mu mhanaidhean a bh' air an cruinneachadh le Flòraidh NicIlleathain. Flora MacLean collected stories about the second-sight from across Scotland for Soillsich.
B’ e sreath ainmeil a bh’ ann an Soillsich dha BBC Radio nan Gàidheal. Bha Flòraidh NicIlleathain, nach maireann, a’ clàradh is a’ cruinneachadh sgeulachdan air feadh na dùthcha. Chaidh a chraoladh an toiseach ann an 1999.
Bha e cumanta gu leòr sgeulachdan mu mhanaidhean, taibhsean, an dàrna sealladh, sìthichean agus gu leòr eile a chluinntinn an tac an teine, ach cha b’ e a h-uile duine a bha deònach an innse gu poblach. Anns an dàrna prògram den t-sreath bha tuilleadh còmhraidh ann mu mhanaidhean.
Anns a’ phrògram chualas Niall Mac a’ Phearsain à Barraigh, Raghnall MacEachain, aig an robh buntanas ri Beinn na Faoghla ach a bha a’ fuireach anns a’ Ghearasdan, agus a bhean Chrissie NicEachain à Uibhist a Deas; Ailean Dòmhnallach às a' Bhaile Shear; Màiri NicRuairidh à Caolas, Uibhist a Deas; Sìne Churrie à Uibhist a Deas; Lachie MacGilliosa à Staffainn; Dòmhnall Iain MacIllinnein, a bha a’ fuireach san Àth Leathann; agus Ruairidh Fearghastan à Hògha Gearraidh.
On radio
Broadcasts
- Mon 5 Oct 202615:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 7 Oct 202620:30BBC Radio nan Gàidheal