Main content
This programme will be available shortly after broadcast

còmhla ri Fearghas MacBheathain

Seirbheis còmhla ri Fearghas MacBheathain. Gaelic service conducted by Fergus MacBain.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 31: 19-20 air fonn St David agus 's e Iain MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh
Salm 37: 23-24 air fonn Bedford agus 's e Aonghas MacillFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Salm 51: 9-10 air fonn Kilmarnock agus 's e an t-Urr Seumas MacÌomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cille Bhrìghde an Ear.

Leughadh: Samuel 2 12: 1-15
Ceann-teagaisg: Salm 51: 10

'S ann do Chnoc an Torran ann an Uibhist a Tuath a bhuineas Fearghas MacBheathain. Fhuair e oideachadh ann am Bun- agus Àrd-sgoil Phaibil an Uibhist a Tuath. Nuair a bha e deiseil anns an sgoil chur e ùine seachad ag obair mar phosta. Ann an 1990 thill e air ais dhan sgoil, agus an turas seo bha e a' frithealadh Sgoil Lionacleit airson dà bhliadhna. Bha seo mar phàirt den obair ullachaidh a bh' aige ri dhèanamh agus e a' dol a-staigh airson a bhith na mhinistear.

Chuir e seachad ùine ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart na oileanach agus chrìochnaich e an obair ullachaidh aige ann an Obar Dheathain. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an Cille-Mhoire agus Paibil an Uibhist a Tuath. Às dèidh sin ghluais e gu coitheanal a' Chnuic anns an Rubha ann an Leòdhas.

Tha Fearghas agus a bhean Ella 's an dithis chloinne aca air ais ann an Uibhist a Tuath agus, ged nach eil e a' leantainn dreuchd ministeir, bidh e fhathast bho àm gu àm a' searmonachadh anns an sgìre aige fhèin. Tha e an-diugh an sàs ann an obair croitearachd agus ann an obair clèireachd. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, 's toil leis a bhith ag obair air a' chroit, anns a' ghàrradh agus a' gabhail beagan fois a' leughadh.

Release date:

30 minutes

Broadcasts

  • Sunday09:00
  • Sunday15:00