Main content

Litir do Luchd-ionnsachaidh 1416

Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1416. Roddy Maclean reads this week's letter for Gàidhlig learners.

19 hours left to listen

5 minutes

Litir 1416: Beurla Rois an Ear

Tha na Gàidheil – agus feadhainn aig a bheil ùidh ann an ainmean-àite – air a bhith a’ comharrachadh beatha sàr-sgoileir am-bliadhna. B’ esan Uilleam MacBhatair no William J. Watson, prìomh sgoilear ainmean-àite na h-Alba anns an fhicheadamh linn. Tha tòrr dhen tuigse a th’ againn air ainmean-àite stèidhichte air a sgoilearachd.

Rugadh MacBhatair ann an ochd ceud deug, seasgad ’s a còig (1865). Chaochail e ann an naoi ceud deug, ceathrad ’s a h-ochd (1948). Mar sin, carson a thathar a’ comharrachadh a bheatha am-bliadhna – ann an dà mhìle, fichead ’s a sia (2026)? Uill, tha a chionn ’s gun do nochd an leabhar mòr mòr aige ann an clò o chionn ceud bliadhna, ann an naoi ceud deug, fichead ’s a sia (2026). B’ e sin ‘The History of the Celtic Place-Names of Scotland’.

Leugh mi an leabhar sin às ùr o chionn ghoirid. Mar a thachras le leabhar tomadach, fhuair mi a-mach rudan a bha mi air dìochuimhneachadh bhon chiad turas a leugh mi e. Agus thog aon rud m’ aire gu sònraichte oir dh’fhosgail e doras a-steach don t-suidheachadh phearsanta aig MacBhatair fhèin. 

Thogadh e ann an Ros an Ear, sgìre a bha – mean air mhean – a’ call a cuid Gàidhlig nuair a bha e òg. Bha MacBhatair fileanta ann an Gàidhlig agus Beurla. Mhothaich e mar a bhiodh na Gàidheil ann an Ros an Ear a’ stobadh faclan Gàidhlig a-steach don Bheurla aca, oir cha robh Beurla choileanta aca. 

Mar eisimpleir, chanadh iad, ‘I have a meanmhainn in my nose’. Eadhon an-diugh, chan eil mi cinnteach an dèanadh aon fhacal Beurla a’ chùis mar eadar-theangachadh air! Tha faclair Dwelly ag innse dhuinn gu bheil meanmhainn a’ ciallachadh ‘titillation of the nose, an omen of a stranger’s arrival or of good news’. 

Chanadh muinntir Rois an Ear ri pàiste nach itheadh a lite aig àm bracaist ‘[that] you’ll be a taibhse’ i.e. a phantom. Agus chanadh iad mu dheidhinn duine a bha gun smior ‘that there was nothing in him but a blianach.’ Tha Dwelly a’ toirt seo dhuinn airson blianach – ‘slow, inactive person’. A bheil facal math agaibh airson sin ann am Beurla? No an cleachdadh sibh fhèin ‘blianach’ ann am Beurla?!

Mar a dh’fhàs cuid ann an Ros an Ear fileanta ann am Beurla, bhiodh iad a’ tarraing à feadhainn a chleachdadh faclan is abairtean Gàidhlig anns a’ Bheurla aca fhèin. Bhiodh iad eadhon a’ magadh orra.

Bha fear ann a chaidh gu bùth-bhùidseir ann an Inbhir Ghòrdain. Dh’iarr e air fear na bùtha a leithid seo de chuideam de ‘beef-uain’ i.e. beef of lamb a thoirt dha. ’S e sin a bh’ aige air ‘mutton’. Bho sin a-mach bha aithnisg ùr aige – ‘Beef-uain’! Agus bha fear eile air an robh ‘twenty-ten’ mar aithnisg oir ’s e sin a chanadh e fhèin airson ‘thirty’. Tuigidh sibh gun robh e a’ smaoineachadh ann an Gàidhlig. 

Cha do mhair na faclan sin ann am Beurla Rois an Ear. Sgrìobh MacBhatair gun robh gu leòr dhiubh a’ falbh ri a linn fhèin. Ach, ann an sgìrean eile de dh’Alba, far an robh a’ Ghàidhlig ann uaireigin, bha seann fhaclan is abairtean fhathast ann. Thug MacBhatair eisimpleir à Fìobh – an abairt ‘car-haun’ airson ‘left-hand’. Thàinig an ‘car’ bhon Ghàidhlig ceàrr, a’ ciallachadh ‘left’.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: tomadach: weighty, substantial; Ros an Ear: Easter Ross; meanmhainn: titillation of the nose, an omen of a stranger’s arrival or of good news; bùth-bhùidseir: a butcher’s shop; Inbhir Ghòrdain: Invergordon; aithnisg: nickname; Fìobh: Fife.

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: feadhainn aig a bheil ùidh ann an ainmean-àite: those who are interested in place-names; a’ comharrachadh beatha sàr-sgoileir: marking the life of an excellent scholar; tha tòrr dhen tuigse a th’ againn air ainmean-àite stèidhichte air a sgoilearachd: much of the understanding we have of place-names is based on his scholarship; a chionn ’s gun do nochd an leabhar mòr mòr aige ann an clò o chionn ceud bliadhna: because his magnum opus was published a century ago; leugh mi an leabhar sin às ùr o chionn ghoirid: I re-read that book a short time ago; thog aon rud m’ aire gu sònraichte: one thing in particular captured my attention; chanadh muinntir Rois an Ear ri pàiste nach itheadh a lite aig àm bracaist: the people of Easter Ross would say to a child that wouldn’t eat their porridge at breakfast time; duine a bha gun smior: a pithless person; a’ tarraing à feadhainn a chleachdadh faclan is abairtean Gàidhlig anns a’ Bheurla aca fhèin: teasing those who would use Gaelic words and phrases in their own English; bhiodh iad eadhon a’ magadh orra: they would even be mocking them; cha do mhair na faclan sin: those words did not survive; gun robh gu leòr dhiubh a’ falbh ri a linn fhèin: that many of them were disappearing in his own day.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Dh’iarr e air fear na bùtha a leithid seo de chuideam de X a thoirt dha: he asked the shopkeeper to give him a certain (named) amount of X. Leithid ‘equal, like, equivalent’ is used a lot in idiomatic phrases e.g. air a leithid seo de latha ‘on such and such a day’. Another good one to remember is how you might respond to a greeting like Nollaig shona dhut ‘happy Christmas to you’. You can say agus a leithid cheudna dhut fhèin ‘and the same to you’.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: cha robh Beurla choileanta aca: they didn’t have perfect, idiomatic Gaelic.

Broadcast

  • Sun 6 Sep 202613:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast