Main content
This programme will be available shortly after broadcast

Sreath 1, Eapasod 9

Màiri Anna NicUalraig a' cur na prosbaig air sàr-ghuthan de gach seòrsa agus bho gach cultar. Mary Ann Kennedy celebrates the most universal musical instrument: the human voice.

Tro iomadh linn agus thar gach cultar tha òrain air a bhith againn. Ach dè tha a’ toirt oirnn ar guthan a thogail agus carson a tha seinn cho mòr na pàirt de ar fèin-aithne? Thigibh ann an cuideachd Màiri Anna NicUalraig agus i a’ cur na prosbaig air an inneal-ciùil as sine agus as trice a chluinnear; an guth.

Anns gach prògram bidh i gar toirt air sgrìob tron iomadh dòigh air òran a lìbhrigeadh, a’ toirt a-steach farsaingeachd de nòsan-ciùil – bho na bliadhnaichean a dh’fhalbh suas chun an latha an diugh.

Bidh turas Màiri Anna gar toirt gu gach ceàrnaidh dhen t-saoghal ach aig crìdhe gach prògram an còmhnaidh bidh dualchas beartach nan Gàidheal. Anns a’ phrògram seo, bidh i a’ toirt thugainn taghadh de dh’òrain a tha ceangailte ris an ainm “Màiri” agus cluinnear cuideachd bho sheinneadair Gàidhlig na seachdain, Màiri NicAonghais.

Release date:

57 minutes

On radio

Thursday16:00

Broadcasts

  • Thursday16:00
  • Next Saturday12:00
  • Next Sunday14:00