Main content

A bheil gnìomhachas aoigheachd fhathast ann an staing?

Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà còmhla ri Emma NicLaomainn. News, chat, sport, music and entertainment with Emma Lamont.

Tha cosgaisean cumhachd air a dhol cho àrd air sgàth cogadh na h-Ucràine, agus tha mòran a’ gabhail ceum air ais bho bhith a’ cosg uiread air biadh a-muigh. A bheil seo ag adhbhrachadh gu bheil an gnìomhachas aoigheachd fhathast ann an staing, no a bheil an fheadhainn a tha a’ ruith gnìomhachasan a’ faireachdainn boillsgeadh beag dòchais? Tha dithis a tha a’ ruith thaighean-bìdh ag innse mu na dùbhlain a tha mu choinneamh an gnìomhachas aoigheachd an-dràsta.

Bhàsaich an neach-ciùil cliùiteach Sonny Rollins an t-seachdain sa chaidh aig aois 95. Aithnichte mar “The Colossus of Jazz Saxophone”, chaidh còrr is 60 clàr fhoillseachadh leis, sgrìobh e co-dhiù 45 pìos ciùil, agus rinn e ainm dha fhèin leis an stoidhle-cluiche innleachdach aige, far an cuireadh e a stampa shònraichte fhèin air pìosan ciùil. Tha ùidh mhòr aig Michelle NicNeacail ann an ceòl jazz, agus tha i ag innse tuilleadh mu dheidhinn.

Dè cho fada sa bhiodh tu deònach siubhal airson cofaidh blasda aig ìre àrd a cheannach? A bheil prìs gu diofar dhut gus am faigh thu cofaidh a tha gu mòr a’ còrdadh riut? Tha dithis air a bheil meas mòr air an deoch ag innse cho cudthromach 's tha cofaidh dhaibh.

28 days left to listen

1 hour, 27 minutes

Music Played

  • Coldplay

    Higher Power

    • (CD Single).
    • Parlophone.
  • Alex Warren

    Ordinary

    • Ordinary (CD Single).
    • Atlantic Records.
    • 1.
  • Ed Sheeran

    Shape Of You

    • (single).
    • Atlantic.
  • STELLA LEFTY

    Boston

  • David Gray

    Hospital Food

    • (CD Single).
    • Atlantic.
  • Alanis Morissette

    Ironic

    • Jagged Little Pill.
    • Maverick.
  • Dua Lipa

    Training Season

    • Radical Optimism.
    • Warner Records.

Broadcast

  • Yesterday12:00