Main content

An Litir Bheag 1089

Litir Bheag na seachdain sa le Ruairidh MacIlleathain. Litir àireamh 1089. This week's short letter for Gàidhlig learners.

24 days left to listen

5 minutes

Last on

Last Sunday13:30

Clip

An Litir Bheag 1089

Math dh’fhaodte nach eil daoine a’ cuimhneachadh Màiri NicEalair mar bu chòir. B’ ise bana-bhàrd à Loch Abar. Bha i beò anns an naoidheamh linn deug. Seo a’ chiad rann dhen dàn aice – ‘An Iarraidh Dhìomhain’ no, ann am Beurla, ‘The Vain Search’:

Càit a bheil fois, agus càit a bheil tàmh,

Càit a bheil fois, agus càit a bheil tàmh,

Càit a bheil ìocshlaint do chridhe fo phràmh

No càit a bheil suaimhneas o uamhann ’s o chràdh?

Anns an dàn, saoilidh mi gu bheil Màiri a’ dèanamh iomradh air a beatha fhèin, beatha a bha dùbhlanach aig amannan. Seo an seachdamh rann:

Dh’iarr mi gu fois, is gun fhois air an t-saoghal,

Is leig mi mo cheann air geal-bhroilleach mo ghaoil,

’S bha ’chluasag ud làn de chaoin-dhuilleach nan ròs

Ach, ochan, nam measg gun robh dris mar bu nòs.

Rugadh Màiri Chamshron – oir ’s e Camshronach a bha innte – anns a’ Ghearasdan ann an ochd ceud deug, trithead ’s a ceithir (1834). Bha a h-athair na fhuineadair anns a’ bhaile sin. Nuair a bha i òg, bha Màiri a’ fuireach còmhla ri a seana-phàrantan air taobh a màthar. Bha sin anns a’ Choire Bheag, baile beag taobh Loch Iall.

An sin, bha Màiri air a bogadh ann an beul-aithris agus cànan nan Gàidheal. Fhuair i tòrr Gàidhlig san sgoil cuideachd. Ach chaochail a h-athair nuair a bha Màiri trì bliadhn’ deug a dh’aois. Bha aice ri gluasad air ais don Ghearasdan.

Cha robh cothroman foghlaim aice. Bha i ri muinntireas greis. Agus, aig aois fichead bliadhna, phòs i maraiche à Earra-Ghàidheal, Iain MacEalair.

Cheannaich Iain bàta-carago. Bha e na sgiobair oirre. Cha robh cùisean furasta, ge-tà. Bha airgead teann, agus bha Iain gu tric air falbh aig muir. Bha Màiri a’ fuireach ann an Glaschu no anns a’ Ghearasdan. Ach dh’fhàs i searbh dhen t-suidheachadh, agus chaidh i a dh’fhuireach air bòrd an t-soithich. Sheòl i gu iomadh port-mara air feadh na Roinn Eòrpa. Thòisich i air dreuchd mar sgrìobhadair nuair a bha i air bòrd, mar a chì sinn anns an ath Litir.

The Little Letter 1089

Perhaps people don’t remember Mary MacKellar as they should. She was a poetess from Lochaber. She lived in the 19th century. Here is the first verse of her poem ‘An Iarraidh Dhìomhain’ or, in English, ‘The Vain Search’:

Where is there peace and where is there quiet,

Where is there peace and where is there quiet,

Where is a cure for a melancholic heart

Or where is there rest from horror and torment?

In the poem, I reckon Mary is making a commentary on her own life, a life that was challenging at times. Here is the seventh verse:

I sought peace although the world is without peace,

And I laid my head on the fair breast of my beloved,

That pillow was full of rose petals

But, alas, among them was the customary thorn.

Mary Cameron – for she was a Cameron – was born in Fort William in 1834. Her father was a baker in that town. When she was young, Mary was living with her maternal grandparents. That was in Corriebeg, a village on Loch Eil-side.

There, Mary was immersed in the oral tradition and language of the Gaels. She got a lot of Gaelic in school as well. But her father died when Mary was thirteen years of age. She had to move back to Fort William.

She didn’t have educational opportunities. She was in domestic service for a while. And, at the age of twenty, she married a mariner from Argyll, John MacKellar.

John bought a cargo vessel. He was the captain on her. Matters were not easy, however. Money was tight, and John was often away at sea. Mary was living in Glasgow or Fort William. But she grew fed up of the situation, and she went to live on board the vessel. She sailed to many sea-ports across Europe. She commenced a career as a writer when she was on board, as we’ll see in the next Litir.

Broadcast

  • Last Sunday13:30

All the letters

All the letters

Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.

Podcast: An Litir Bheag

Podcast: An Litir Bheag

The Little Letter for Gaelic Learners

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag air LearnGaelic

An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)

Podcast