Main content

le Coinneach Mac a' Ghobhainn

Dè cho cunnartach is a tha fiabhras-eanchainn, neo meningitis? Just how dangerous is meningitis?

Tha sgoiltean is oilthighean ann an ceann a' deas Shasainn a' fulang le mar a tha fiabhras-eanchainn, neo meningitis, air a dhol ma sgaoil. Ach dè th' ann agus carson a tha e cho cunnartach?

Air Latha Naoimh Phàdraig, tha am fear-naidheachd Ruairidh Alasdair MacIlleFhinnein air a bhith a' rannsachadh cuid de na seanchasan a tha - agus nach eil - fìor mu naomh nàiseanta na h-Èireann.

Cluinnidh sinn cuideachd bhon t-eòlaiche saidheans Iain MacAonghais mu mar a tha cnoc-deighe a bha aig aon àm cho mòr ri fear sam bith eile, air leaghadh is air aiteamh gu bhith gu math nas lugha sa latha an-diugh.

Agus tha Aonghas MacAoidh air a bhith a' cur an eathar a-mach airson samhradh ag iasgach far chosta an ear Leòdhais - le prògram ùr, Samhradh air Sàl, ri fhaotainn air Iplayer a' BhBC. Tha Aonghas sa stiùidio còmhla ri Coinneach son beagan innse dhuinn mu dheidhinn.

7 days left to listen

57 minutes

Last on

Tue 17 Mar 202622:25

Broadcasts

  • Tue 17 Mar 202609:00
  • Tue 17 Mar 202622:25