Naidheachdan 10:00m

An Ear-Mheadhanach

Tha arm Iosrael ag ràdh gun lean iad orra len iomairt an aghaidh Hezbollah, a dh'aindeoin agus gu bheil am fosadh le Ioran an urra riuthasan gun a bhith ris an leithid. Tha iad air iarraidh air daoine a tha a' fuireach ann am baile Tyre, ann an ceann a deas an Lebanon, an dachannan fhàgail. Thuirt labhraiche Iosraelach gu bheil iad ag ullachadh 'son ionnsaigh agus iad a' fàgail air Hezbollah gu bheil iad air an fhosadh a th' ann a bhriseadh.

Tidsearan

Tha rabhadh air nochdadh mun ghainnead a th' ann de thidsearan àrd-sgoile aig a bheil eòlas sònraichte - gu seachd àraid ann an saidheans, gnothachas agus teicneòlas. Tha ceannardan foghlaim ag ràdh gu bheil lùghdachadh ga thoirt air clàran-ama agus gu bheil sgoiltean a' cur às do chuspairean air a shàilleibh. Tha comhairlean na h-Alba ag aithneachadh gu bheil gainnead ann, 's thuirt Riaghaltas na h-Alba gur ann an seo a tha cuid de na clasaichean as lugha anns an Rìoghachd Aonaichte.

Buidhean Turasachd Innse Gall

Tha a' bhuidheann Visit Outer Hebrides ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba an cuideachadh gus am bi misneachd anns an roinn uair eile - agus ceithir fichead sa sia deug às a' cheud de na fhreagair an suirbhidh aca ag ràdh gun robh trioblaidean aca sa bhliadhna a dh'fhalbh, tàilleabh staing nan aiseagan. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun deach maoin luach deich millean not fhoillseachadh feuch dèiligeadh ri buaidh nan aiseagan, 's gu bheil Rùnaire ùr na Còmhdhail, Stephen Flynn, a tadhal air na h-Eileanan an Iar air an t-seachdain seo.

Fearann dùthchail

Tha aithisg ùr a' dèanamh dheth gu bheil maill air tighinn air margaidh fearann dùthchail na h-Alba, 's luchd-ceannachd air fàs nas fhaiceallaiche. Bha prìsean air sìor èirigh às dèidh a' phandemic, 's iarrtas mòr ann 'son fearann son phròiseactan coilltearachd is àrainneachdail an uair sin. Tha Coimisean Fearann na h-Alba ag ràdh ge-tà nach eil na tha sin de dh'iarrtas tuilleadh le lùghdachadh air roinn na coilltearachd, agus nas lugha buannachd ri fhaighinn a thaobh sgeamaichean creideis charbon.

Sgùtair dealain

Chaidh dithis òganach a dhroch ghoirteachadh, às dèidh dhaibh tuiteam far sgùtair dealain am Pàislig. Chaidh lorg fhaighinn air na gillean, a tha deich bliadhna a dh'aois agus dà bhliadhna deug, air Àrd-sràid a' bhaile aig mu naoi uairean a-raoir - 's chaidh an toirt do dh'Ospadal Rìoghail na Cloinne an Glaschu far a bheil iad a' faighinn cùraim. Tha na poilis airson 's gun tèid iadsan a chunnaic na thachair, air a no aig a bheil dealbhan dascham, thuca.